Skip to content

This consultation is now closed. If you have any queries please get in touch with Corporate Support.


Faodaidh sibh sùil a thoirt air ar Plana Gàidhlig 2023-2028 sa Bheurla cuideachd.

Moladh

Tha Comhairle Siorrachd Àir an Ear a’ gabhail ris gu bheil cànan, cultar agus foghlam na Gàidhlig cudromach agus tha sinn a’ toirt cothrom do dhaoine na beachdan aca a thoirt seachad air a’ Phlana Ghàidhlig againn. Gheibhear fiosrachadh sa Phlana Ghàidhlig air mar a bhios a’ Chomhairle, ann an com-pàirt ri buidhnean eile, a’ frithealadh air na feumalachdan a th’ aig daoine, buidhnean is coimhearsnachdan dha bheil a’ Ghàidhlig na pàirt mòr dem beatha.

Chaidh an dreachd den Phlana Ghàidhlig 2023-2028 fhoillseachadh gu h-ìosal agus tha e a’ cur prìomhachas air dà phrìomh amas: a’ toirt fàs air cleachdadh na Gàidhlig agus a’ toirt fàs air ionnsachadh na Gàidhlig ann an Siorrachd Àir an Ear.

Co-chomhairleachadh

Thèid an co-chomhairleachadh seo a chumail gu 27 Giblean 2023.

Mar a bheirear beachdan seachad

Tha sinn a’ toirt cothrom dhan a h-uile duine aig a bheil ùidh ann an Gàidhlig ann an Siorrachd Àir an Ear am Plana a leughadh agus molaidhean is beachdan a chur thugainn thar nan sia seachdainean ri thighinn tro Shuirbhidh a’ Cho-chomhairleachaidh Phoblaich.  Gabhar ealla ris na beachdan uile agus ullaichidh sinn aithisg stèidhichte air na beachdan a gheibhear sa cho-chomhairleachadh phoblach agus le fios air atharraichean sam bith an nithear air an dreachd den Phlana.

Luchdaichibh a-nuas lethbhreac den dreachd den Phlana Ghàidhlig 2023-2028 agus cuiribh thugainn na beachdan agaibh.

Dreachd Phlana Gàidhlig 2023-2028 - Gàidhlig (PDF 920Kb) 

Tuilleadh fiosrachaidh

Ma tha tuilleadh fiosrachaidh a dhìth oirbh mun t-suirbhidh, no nam bu toil leibh seo fhaotainn ann an cruth no cànan eile, nach cuiribh fios oirnn.

Contact Information

 

Corporate Support
Council Headquarters
London Road
Kilmarnock
KA3 7BU
Telephone: 01563 576075